Eachdraidh-beatha                           

Bàrd agus Sgrìobhadair

Rugadh mi san Eilean Sgitheanach, eilean air costa an iar na h-Alba , pàirt de Innse Gall, na h-Eileanan  a-Staigh. S ann an sin bu mhotha chaidh mo thogail, an sin agus an Eilean Leòdhais sna h-Eileanan a-muigh agus cuideachd ann an  Gleann Eilg air tìr-mòr airson bliadhna no dhà. (Bha an gluasad seo air sgàth na h-obrach aig m’ athair.) Às dèidh an sgoil fhàgail aois 16 chaidh mi dhan Chabhlach Mharsantach, mar bu dual do iomadh òganach às na h-eileanan aig an àm sin, agus shiubhail mi an cuan airson grunn bhliadhnaichean.

Aig an àm sin cha b’ urrainn dhomh Gàidhlig a sgrìobhadh, an cànan a bha air a labhairt san dachaigh agus sa choimhearsnachd, ged a bha comas leughaidh agam taing do adhradh teaghlaich. Anns na seachd sgoiltean a fhritheil mi b’ i a Bheurla am meadhan teagaisg agus sin air sàillibh Achd an Fhoghlaim 1872 a rinn cinnteach gum b’ i a’ Bheurla cainnt oifigeil an fhoghlaim eadhon ann an sgìrean far an robh a’ Ghàdhlig aig an t-sluagh mar chainnt làitheil. S ann  dìreach bho mu 1985 a bha e comasach do phàrantan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn dhan chloinn, ma bha àireamh gu leòr ann an àite ga iarraidh.

Bhithinn a’ sgrìobhadh rannan o bha mi 12 bliadhna a dh’aois agus, mar a bhiodh dùil, ann am Beurla, cànan na sgoile agus an sgrìobhaidh. Coltach ri gu leòr eile, b’ ann às dèidh an dachaigh fhàgail a dhrùidh e orm cho luachmhor s a bha na dh’fhàg mi air mo chùlaibh. Às dèidh dhomh a’ mhuir fhàgail bha mi ann an diofar obraichean le ùghdarrasan  ionadail ann an Inbhir Nis agus Dùn Èideann agus greis nam oifigear prìosain, mus do fhritheil mi Oilthigh Dhùn Èideann mar inbheach mus deach mi steach airson a bhith nam neach-teagaisg na Gàidhlig sna h-Àrd-sgoiltean. Bha mi eadar 20 agus 30 nuair a thòisich mi a’ sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig.

Bha mi eòlach air bàrdachd Bheurla nuair a bha mi nam dheugaire, stuth traidiseanta agus bàrdachd an latha an-diugh, agus bha buaidh aig a’ bhàrdachd ùir sin air mo chuid bhàrdachd fada mus do leugh mi bàrdachd Ghàidhlig na 20mh linn le bàird mar Ruaraidh MacThòmais agus Iain Mac a’ Ghobhainn, dithis a bha a’ sgrìobhadh san nòs ùr. Tha Ruaraidh, tha mi toilichte a ràdh, fhathast a’ sgrìobhadh agus e còrr agus ceithir fichead. Mar neach-deasachaidh air an iris litreachais Gairm airson 50 bliadhna, bha e na neach glè chudromach ann an leasachadh bàrdachd na 20mh linn. Bha Gairm na àrd-ùrlar do bhàrdachd thraidiseanta agus do nuadh-bhàrdachd.

Aig toiseach na 21mh linn tha an t-slighe air adhart don Ghàidhlig rèidh agus corrach. Tha cho luath s a tha nithean a’ tachairt – teicneòlas, gluasad sluaigh, nuadh-chonaltradh, cùisean eaconamach – a’ ciallachadh gu bheil àireamh an luchd-labhairt a’ sìor dhol sìos anns na h-àiteachan a bha uair nan cridhe don Ghàidhealtachd, agus a tha fhathast, ma dh’fhaodte, nan slat-tomhais air dè tha e a’ ciallachadh a bhith Gàidhealach. Air an làimh eile, air feadh Alba tha foghlan tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor leudachadh agus a’ fàs nas fheàrr, agus sin a’ cruthachadh ginealach ùr luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha na sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu agus Inbhir Nis, bhiomaid an dòchas, nan comharra air na tha ri thighinn. Tha na Gàidheil agus a’ Ghàidhlig cuideachd a’ gabhail ri teicneòlasan ùra linn an fhiosrachaidh agus dh’fhaodadh gu bheil sin cuideachd na chomharra air an àm ri teachd. S e an dùbhlan a bhios a’ leantainn a bhith a’ cruthachadh dhachaighean agus choimhearsnachdan, anns a’ bhaile s air an dùthaich, far a bheil a’ Ghàidhlig na gnothaich nàdarra.

Tha na h-ealain – cleasachd, ceòl agus òrain, litreachas agus bàrdachd fhèin – nan dualan  cudromach anns na leasachaidhean ùra.

Tha mise air a bhith a’ fuireach ann an Stafainn, san Eilean Sgitheanach, far an do rugadh s a thogadh mi gu ìre mhòr, o 1992. (Ged a bha mi ag obair an Geàrrloch airson greis.) Bu toigh leam smaoineachadh gun sgrìobhainn bàrdachd a bhiodh airidh air an àite. Dhòmhsa tha gaol do dh’àite agus freumhachadh ann an àite air leth cudromach ann an saoghal an latha an-diugh, co-dhiù a tha an t-àite anns a’ bhaile no air an dùthaich. Tha mi a’ cur na luachan sin, gaol àite agus coimhearsnachd an ceart-aghaidh luachan calpachais agus na margaidh a tha a’ faicinn sa h-uile nì rudeigin a ghabhas a reic s a cheannach airson prothaid.