Sgrìobhaidhean eile    

Ficsean do dh’Inbhich

Teas, foillsichte le Clàr / Ùr-sgeul, 2010.

Tha  Iain Murchadh MacLeòid ag obair do chomann leasachaidh ann an Inbhir Nis anns na h-80an. Thig e dhachaigh dhan t-seòmar loidsidh aige agus gheibh e a leannan marbh san leabaidh. An e cur às dhi fhèin a rinn i no an deachaidh a murt? Tha am freagairt nas neònaiche na shaoileadh neach.

 

An sgeulachd ghoirid ‘An Claigeann aig Damien Hirst’ ann an cruinneachadh den aon ainm, Clàr / Ùr-sgeul, 2009. Aon sgeulachd air fhichead le diofar ùghdaran. Chaidh seachd dhe na sgeulachdan eadar-theangachadh gu Gearmailtis fon tiotal Der Schädel von Damien Hirst.

 

Ri Aghaidh na Creig, sgeulachd ghoirid san chruinneachadh Cha Sgeul Rùin E, Acair, 1995

ISBN 0 86152 1854

  

Air-loidhne

Faic co-obrachadh le Alec Finlay agus Ken Cockburn aig:  www.the-road-north.blogspot.com/2010_10_01.html

 

Nobhailean & Sgeulachdan Chloinne agus Òigridh

 

Clann a’ Phroifeasair, 55 dd, Gairm, Glasgow, 1988

ISBN 901771 94 5

Na dealbhan le Nick Heskith

Iomradh air na thachair do Eachann agus Anna air eilean Oransaigh, nuair a rinn an athair, a tha na phroifeasair fiosaig, plèanaichean annasach dhaibh. Airson aoisean 8+

Cuideachd ann an Gaeilge, Clò Iar-Chonnachta, 1992

 

Talfasg, 50 pp, Gairm, 1990

ISBN 1 871901 01 4

A’ leantainn air Clann a’ Phroifeasair. Tha Eachann agus Anna a-nis nan òganaich. Thig Lorna, banacharaid do Anna, à Glaschu a choimhead orra. Tha clann a’ phroifeasair ag iarraidh faighinn a-mach dè an obair dhìomhair anns a bheil an athair an sàs, ach tha an t-saidheanslann glaiste. ‘S ann nuair a dh’fhosglas iad i a thòisicheas na nithean neònach, mì-reusanta a’ tachairt dhaibh. Ach chan eil tilleadh ann...

Cuideachd ri fhaotainn ann an Gaeilge, Coiscéim, 1992

 

Mèirlich nam Bradan, 65 dd, Acair, Steòrnabhagh, 1991

ISBN 0 86152814 X

Dealbhan le Aonghas MacDhòmhnaill

Air lorg mèirlich nam bradan. Stòiridh làn thachartasan airson aoisean 8 +

 

À Ulbha gu Geelong, 66 dd, Acair, 1992

ISBN 0 86152 935 9

Dealbhan le Seonag Chaimbeul

‘S e eilean beag a tha ann an Ulbha làimh ri Muile air a’ chosta an iar dhen eilean sin. Tha an sgeulachd seo mu dheidhinn mar a thachair do theaghlach agus iad air an ruagadh às an eilean ann am meadhan na 19mh linn agus mar a thuinich iad ann an Astràilia.

 

Iain agus na drogaichean, 58 dd, Acair, 1993, òganaich

ISBN 0 86152 912 X 

Tha Iain agus a charaidean anns an sgoil ann am Port Rìgh a’ dol air tòir dhaoine tha dèiligeadh ann an drogaichean.

 

Murt ann an Diùrainis, 63 dd, Acair, 1993, òganaich

ISBN 0 86152 937 5

Bha Dòmhnall Iain agus Ailg an dùil oidhche a chur seachad a’ coimhead bhidio còmhla ri Raonaid agus Seonag, na lasaichean aca. Ach thàinig gnogadh chun an dorais agus nuair a dh’fhosgail iad e cò bha an sin ach Sìonach ’s e leònte. ‘S beag a bha dhùil aca aig toiseach na h-oidhche gum biodh iad an lùib a’ bhuairidh a bha eadar Co-mhaoinich agus oileanaich Shìonach an dèidh Troimhe-chèile Cheàrnaig Thiananmen.

 

Caisteal nan Sgràgan, Stòrlann/Acair, 2002. Airson aoisean 8 +

ISBN 0 86152 742 9

Tachartasan neònach air oidhche Shàmhna. Gheibhear duilleagan-obrach a tha a’ dol leis an leabhar seo aig www.ltscotland.org.uk/gaidhlig

 

 Stuthan Ionnsachaidh Gràmar na Gàidhlig, leabhar-obrach, 288 dd, Stòrlann, Leòdhas, 2005

ISBN 1-904730-26-4

Leabhar-obrach do luchd-ionnsachaidh a tha air beagan adhartais a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha sgeulachd a’ ruith tron leabhar agus eisimpleirean de phuingean gràmair air an sealltainn ann an earrannan air leth. Chaidh a sgrìobhadh a dh’aon ghothaich airson chlasaichean 5 & 6 sna h-àrd-sgoiltean.

Tha an obair san leabhar a’ leantainn gu dlùth ris na puingean ann an Gràmar na Gàidhlig le Michel Byrne.

Beatha le Buaidh: duilleagan-obrach airson clasaichean Luchd-ionnsachaidh agus Tro Mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil agus a tha a’ dol le leabharain bho Stòrlann leis an aon ainm. Tha na leabharain fhèin, le Ailig O’Henley, a’ toirt iomradh goirid air beatha cuid de dhaoine cliùiteach an latha an-diugh, nam measg Nelson Mandela, Kelly Holmes agus Madonna. Gheibhear iad air-loidhne aig www.ltscotland.org.uk/gaidhlig

 

Aistidhean is Altan

Feartan ann am Bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain – Gheibhear an aiste seo aig www.sorleymaclean.org no le bhith a’ cur an tiotal ann an Google.

A’ Bruidhinn mu dheidhinn bàrdachd – le sùil gu h-àraidh air an dàn Coin is Madaidhean-allaidh le Somhairle MacGill-Eain. Ann an Gairm, iris 125, dd 58-60.

Creideamh, Saidheans agus ‘Loidhne an t-Saoghail’ – a’ coimhead air a’ cho-cheangal eadar creideamh agus saidheans. Ann an Gairm, Pàirt 1 ann an iris 193, d 35 agus Pàirt 2 ann an iris 194, d 141.

Iosa Crìosda, Dàn Dhè, Gairm 190, d 168 – a’ coimhead air mar a bha Crìosda a’ cleachdadh cainnt shamhlachail agus mar a bha a bheatha, tro na gnìomhan a rinn e, cuideachd na fhìor dhàn.

Leasachadh agus Cànan, Gairm 141, d 24.