Naidheachdan is Lèirmheasan

NAIDHEACHDAN          

Ri thighinn 2011

Air a cho-sgrìobhadh (ann am Beurla) le mo mhnaoi, Mairead Island Conversion: the transition of a Gaelic poet from Sceptic to Believer.

’S e sgeulachd caran annasach a tha seo ag innse mar thàinig mi gu bhith nam Chrìosdaidh. Tha argamaidean gan cur air adhart airson toiseach ana-ghnàthaichte air an t-saoghal an àite tòiseachadh nàdarrach. Cho math ri bhith ag innse rudan annasach pearsanta a thachair, tha caibideilean ann air co-thuiteamasan brìoghmhor, an ‘numinous’, mìorbhailean agus air saidheans agus creideamh. Tha sreath dhàn dà-chànanach ann cuideachd.

Tha dùil gum bi an leabhar air fhoillseachadh aig deireadh na Dàmhair le Urras Leabhraichean nan Eilean.  

2011

16-20 am Màrt:   Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig StAnza 2011, nuair a bha an Fhèis Bhàrdachd Eadar-nàiseanta a’ comharrachadh ceud bliadhna on a rugadh am bàrd ainmeil Somhairle MacGill-Eain. Tuilleadh fiosrachaidh aig  www.stanzapoetry.org.uk

4-8 an Giblean:   Ann an Èirinn air Cuairt nam bhFilí, /Cuairt nam Bàrd, a’ chuairt bhliadhnail nuair a bhios bàird, luchd-ciùil agus seinneadairean bho Èirinn agus Alba a’ dèanamh cuairt air dùthchannan a chèile.

5-8 an Cèitean:   A’ leughadh aig Fèis Leabhraichean Ulapul. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.ullapoolbookfestival.co.uk

13 & 15 an t-Ògmhios:    A’ dèanamh bùithtean-obrach airson sgrìobhadh cruthachail dha Urras Baile Fhlòdaigearraidh airson seachdain an luchd-ionnsachaidh aca, ann an co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig.

16-18 an t-Ògmhios:   Ainmeil Thar Cheudan, co-labhairt aig Sabhal Mòr Ostaig a’ comharrachadh ceud bliadhna on a rugadh am bàrd ainmeil Somhairle MacGill-Eain. Lìbhrig mi pàipear air bàrdachd MhicGill-Eain

30 an t-Ògmhios:   Sgoil Bhàrdachd na Comraich. Òraid agus deasbad air bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain.

2010        

8mh an Cèitean:   A’ leughadh bàrdachd ann an Eaglais Chill Donain, Cataibh. Air a chur air dòigh le Caraidean Eaglais Chill Donain agus Timespan.

22 an Cèitean:   L’Incontro, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach. Comhairle nan Leabhraichean a’ cur an nobhail Teas air bhog.

12 an Lùnastal:   A’ leughadh bho An Claigeann aig Damien Hirst aig an Interkeltisches Folkfestival, Hofheim am Taurus.

20 an Dàmhair:   Oilthigh Ghlaschu, Roinn na Ceiltis. Bùth-obrach sgrìobhaidh agus a’ leughadh à Teas.

10 an t-Samhain:    Imprint 2010: Fèis Leabhraichean Siorrachd Àir an Ear. Dà thaobh a’ Bhealaich / The Two Sides of the Pass, leughadh agus deasbad.

2009 

An Cèitean:    Fèis Word, Obar Dheathain. A’ leughadh bho  An Claigeann aig Damien Hirst.

8mh an Lùnastal:   A’ leughadh còmhla ri Mark O. Goodwin aig Fèis Bhelladrum.

26 an t-Sultain:   A’ cur Dà Thaobh a’ Bhealaich / The Two Sides of the Pass air bhog aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba (RSA/ARA), an lùib an taisbeanaidh Research 2009: RSA Awards in Focus. Air  an aon latha, leugh sinn ann an Glaschu aig Co-labhairt Sgrìobhaidh & Litreachais Fèis ‘Merchant City’, anns a’ Fressh Café,  agus air an oidhche anns a’ CCA air Sràid Sauchiehall.

14 an t-Samhain:   A’ gabhail pàirt ann am Fèis Bhàrdachd Eadar-nàiseanta Air-loidhne fo sgèith StAnza. Bha bàird a’ gabhail pàirt ann am Berlin, Amsterdam, Ghent, An t-Eilean Sgitheanach, Tbilise, California agus Rochester ann an Stàit New York. Chithear beagan mun Fhèis aig http://www.stanzapoetry.org/virtual-festival.php

An Gearran / am Màrt:   Podcast le Leabharlann Bàrdachd na h-Alba.  Mark O. Goodwin agus mise a’ bruidhinn air bàrdachd, an tìr agus a’ choimhearsnachd.  Gheibhear am podcast air làrach-linn LBA aig www.readingroom.spl.org.uk

Chaidh an dàn ‘Skye’ le Mark O Goodwin à Dà Thaobh a’ Bhealaich / The Two Sides of the Pass a thaghadh airson Best of Scottish Poems 2009.

2008     

Sgrìobhadair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, OGE, An t-Eilean Sgitheanach.

Co-obrachadh air Dà Thaobh a’ Bhealaich / The Two Sides of the Pass leis a’ bhàrd  Mark O. Goodwin agus an dealbhadair Eòghann MacColla

Sabhal Mòr Ostaig: Air a’ mhìos seo (an t-Samhain, 2007), chaidh mo chur san dreuchd mar ‘Sgrìobhaiche’ aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach a tha na pàirt de Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna. Bidh mi a’ tòiseachadh a dh’aithghearr aig a’ Cholaiste agus tha mi dèanamh fiughair ri bhith ag obair leis na h-oileanaich agus anns a’ choimhearsnachd.

 Tachartasan ann an 2007

16 an t-Iuchar:    Cur air bhog Breac-a’-Mhuiltein aig Aos Dana, an fhèis leabhraichean a tha na pàirt de Fhèis an Eilein – fèis chiùil bhliadhnail an Eilean Sgitheanaich. Chaidh an leabhar fhoillseachadh le Coiscéim, Baile Àtha Cliath agus ’s e cruinneachadh dem bhàrdachd 1974-2006 a tha ann.

23 – 27mh an t-Iuchar:     Ghabh mi pàirt ann an Sgeulachdan na Tìre, cùrsa gnìomhach fad seachdain tro mheadhan na Gàidhlig stèidhichte ann an Stafainn far am bi luchd-labhairt Gàidhlig às an àite a’ toirt an luchd-compàirt air cuairtean san sgìre. Faic làrach-lìn Urras Stafainn gu ìosal airson barrachd fiosrachaidh mu chùrsaichean.

21 – 26mh an Lunnastal:    Bha mi aig Fèis Leabhraichan ann an Quessant sa Bhreatainn Bhig. ’S e ‘Ionmhasan Eileanan na h-Alba’ cuspair na bliadhna seo. Tha an fhèis a’ targaideachadh diofar eileanan gach bliadhna.

26 an t-Sultain:   Ann an Geàrrloch, a’ leughadh còmhla ri bàird, seinneadair agus neach-ciùil Èireannach a bha air ‘Cuairt nam Bàrd’.

’S e tachartas bliadhnail a tha seo don dà dhùthaich far am bi na h-Albannaich a’ tadhal air Èirinn as t-earrach.

27 an t-Sultainn:   A’ leughadh aig Sabhal Mòr Ostaig, Slèite còmhla ri Anndra Mitchell. Tha an leabhar aige Taking You Home a’ comharrachadh bàrdachd Ruaraidh MhicThòmais agus Iain Mhic a’ Ghobhainn. Dh’eadar-theangaich mi na dàin aig Anndra gu Gàidhlig.

29 an t-Sultain – 6mh an Dàmhair:    Fèis Dhealbhan-camara an Eilean Sgitheanaich, cuairtean agus leughaidhean.

4 an Dàmhair:   ‘Some Gairloch Bards’, a’ leughadh ann an leabharlann Gheàrrloch còmhla ris a’ bhàrd Iain Blake.

25 an Dàmhair:    Leughadh air a chur air dòigh la PEN Alba aig Sabhal Mòr Ostaig còmhla ri Aonghas MacNeacail agus Rody Gorman.

1 an t-Samhain:   Bùth-obrach airson Latha Mòr na Gàidhlig, san Aghaidh Mhòr. Thàinig 500 duine-cloinne bho na bun-sgoiltean a tha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig air feadh Alba dhan Aghaidh Mhòr airson latha de chur-seachadan is spòrs.

Greisean-còmhnaidh 

Am Ploc: Aig deireadh 2006 agus a’ dol a-steach do 2007 bha mi ag obair do dh’Urras Shomhairle air a’ phròiseact aca ‘Eadar an Saoghal ’s a’ Bhiothbhuan’ a’ comharrachadh obair a’ bhàird Ghàidhlig ainmeil Somhairle MacGill-Eain. Bha seo a’ ciallachadh Greis-chòmhnaidh Ghàidhlig aig Sgoil-chiùil na Gàidhealtachd anns a’ Phloc far an robh Seumas Ros, an neach-ciùil a bha ann airson Greis-chòmhnaidh, agus mise ag obair le oileanaich an sin agus anns an Àrd-sgoil gus bàrdachd agus ceòl a chruthachadh a ghabhadh cur air beulaibh an t-sluaigh ann an sreath chonsairtean ann an 2007.

Criomagan à lèirmheasan

Breac-a’-Mhuiltein (Coiscém, 2007)

"Aon de na h-adhbharan gu bheil mi cho dèidheil air bàrdachd Mhaoilis se gur ann leis fhèin a-mhàin a tha an guth aige. Chan eil na dàin seo reifreansail. Chan e nach snot thu dòigh-bruidhinn MhicGill-Eain an-seo, cainnt Mhic a’ Ghobhainn an-siud – mhionnaichinn gu bheil guth Dhòmhnaill Ruaidh Chorùna a’ tighinn a-nall ann an sreath air leth – ach chan eil ann ach gu bheil an t-ùghar bogt’ ann am bàrdachd Ghàidhlig, mar bu chòir.

Tha na dàin as fheàrr aig Maoilios a’ sìneadh on fheadhainn a tha ʼnan cuirm dhan t-sùil ʼs dhan chluais agus a thuigear anns a’ bhad chun an fheadhainn a tha ʼnan cuirm dhan inntinn ʼs dh’iarras iomadh leughadh faiceallach mun rannsaichear an doimhneachd. ʼS tha mòran eadar an dà cheann."

(Raghnall MacilleDhuibh, Northwords Now, Foghar 2007)

 

Saoghal Ùr (diehard, 2003)

"Tha gleusan ceòlmhor binn an seo. Tha sreath ghrinn de dhàin ann mu chuid de na h-eòin air a bheil sinn eòlach. Tha iad a bruidhinn rinn nan dòighean fhèin. Tha dàin an seo don chloinn cuideachd, agus tha iad sin snasail. Sean is ùr – is òg a` tighinn còmhla. Is toigh leamsa sin. Leabhran taitneach da-riribh airson na pòcaid, agus airson an inntinn a bhrosnachadh gu sgiobalta, buannachdail. Na bithidh às aonais."

(Dòmhnall Meek, Gath, An Samhradh 2004)

"Agus, ann an seagh, tha cho Gàidhealach ʼs a tha e mar bhàrd a’ fàgail a’ Chaimbeulaich ann an seòrsa de shaoghal ‘fo-thalamh’. Leis gu bheil e air a bhith buailteach a bhith toilichte a dhàin fhaicinn ann an clò gun a bhith air an eadar-theangachadh, tha cliù a’ bhàird seo air fàs ach air fuireach gu ìre mhòr taobh a-staigh coimhearsnachd nan Gàidheal. Aig àm nuair a tha cuid againn, a tha daonnan a’ fuasgladh uinneag Bheurla dha ar bàrdachd, air a bhith a’ siubhal an t-saoghail, mar bhàird Ghàidhlig, tha esan gu sona air a bhith a’ treabhadh a sgrìob rannsachail fhèin – chan eil feum aig inntinn air soitheach no carbad airson siubhal fad is farsaing.

   Ann  an seagh, tha e doirbh a ràdh 'n e adhbhar moit no aithreachais a tha seo, oir, air bàrr a’ chomais, saoilidh mi gu bheil Maoilios Caimbeul cho math ri bàrd a th’ againn san latha an-diugh, agus bhiodh e na adhbhar tàmailt mura biodh fios aig an t-saoghal mhòr gu robh a leithid ann."

(Aonghas MacNeacail, Cothrom 41, Foghar 2004) 

 

A` Gabhail Ris (Gairm, 1994)

"Tha Maoilios Caimbeul air fear dhe na bàird aig a bheil cliù stèite ann an saoghal litreachas an latha-an diugh. Cha bheag an nì sin fhèin nuair a tha àireamh ar luchd-sgrìobhaidh a` sior dhol am meud; agus mura bheil na sgrìobhadairean fhèin a’ coinlingeadh ri chèile, sin a suidheachadh anns a bheil na leughadairean buailteach air a bhith gan cur. Agus càite an cuirte Maoilios san t-sreath sin? A-measg nan daoine as toiseannaiche, saoilidh mi. Seo a-nis an ceathramh leabhar aige ann an clò.

Sa chiad dàn tha e ag agairt;

    ’Se lion a th`annam

   Tilg mi dhan doimhneachd,

    Agus tha a nàdar fhèin a dèanamh sin co-dhiù. Foighidneach rì tràighean,/ tha an t-iasgair ’s an lion nan aon. Tha an lion a sgaoileadh is a’ teannachadh mu chliath a chuid smaointinnagus e fhèin aig amannan, inntinn is cridhe, ga fhaighinn fhèin a` dol an sàs  ann am mogail an lìn. Ach chan ann gun fhiosda dha fhèin."

(Iain MacAonghais, Gairm 171, An Samhradh 1995)

Talfasg (Gairm, 1990)

"Chòrd an sgeulachd seo uabhasach math rium.Tha tàlant aig an ùghdar air saoghal ùr a thoirt gu bith...Tha e cumail na sgeulachd gu math siùbhlach. Tha fhios aige air na beairtean ùra a tha riaghladh ar beatha. Agus an dràsda ’s a-rithist èiridh sealladh tiamhaidh a-mach às an sgeulachd, gu h-àraid nuair a chì Eachann a fhèin na bhodach.

Cuideachd tha sinn a` coimhead gaol a` fàs nas làidire mar a tha cùisean a` dol nas miosa.

    Tha mi làn chinnteach gun còrd an sgeulachd seo ri ògairean anns na sgoiltean agus tha mi duilich nach robh leithid seo ann nuair a bha mi fhìn òg.

    Tha mi an dòchas gu lean an-ùghdar air le sgeulachdan coltach ri seo, a` toirt cùnntas air na tubaisdean agus na tachartasan anns a bheil an triùir ògairean seo gam faighinn fhèin."

(Ian Mac a` Ghobhainn, Gairm 152, Am Foghar 1990)